Ho ro cha'n 'eil cadal orm
Cha'n 'eil m' air' air sòlas
Mo chul-thaobh ri ceòl gàire
Bho'n latha chaidh mo phòsadh
Bha m'athair is mo mhàthair
'S mo bhràithrean uile deònach
Mo phòsadh ris an t-seann fhear
O'n bha mi gann do stòras
Ho ro cha'n 'eil cadal orm
'S e 'n t-òr thug an car asam
'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh
'S e 'm pòsadh rinn mo shàruch
''S tha bhlàth sud air mo ghruaidh-se
Ho ro cha'n 'eil cadal orm
'N uair bhitheas càch 's na bàiltean
'A crathadh an cuid ghùntaibh
Bith'dh mise leis an t-seann fhear
A's srann aig air mo chùl-thaobh
Ho ro cha'n 'eil cadal orm
Comhairl' oirbhs' a chaileagan
An earail seo na diùltaibh
Gun tàir a dhean' air òigh-fhear
Ged bhith's a sporan sùmhail
Ho ro cha'n 'eil cadal orm
Cha'n 'eil m' air' air sòlas
Mo chul-thaobh ri ceòl gàire
Bho'n latha chaidh mo phòsadh