'S iomadh oidhche fhliuch is thioram
Sìde nan seachd sian
Gheibheadh griogal dhomhsa creagan
Ris an gabhainn dìon
Sèist:
Obhan, obhan, obhan iri
Obhan iri o
Obhan, obhan, obhan iri
'S mòr mo mhulad, 's mòr
Dhìrich mi dhan t-seòmar mullaich
'S theirinn mi 'n taigh làir
'S cha d'fhuair mise griogal cridhe
Na shuidhe mun chlàr
Eudail mhòir de shluagh an domhain
Dhòirt iad d'fuil an-dè
'S chuir iad do cheann air stob daraich
Tacan beag bho d' chrè
B'annsa bhith le griogal cridhe
Teàrnadh chruidh le gleann
Na le baran mòr na dalach
'S sìoda geal mu'm cheann
Chan eil ùbhlan idir agam
'S ùbhlan uile aig càch
Sann tha m'ubhal cùbhraidh, caineil
'S cùl a chinn ri làr
Nuair bhios mnathan òg' a' bhaile
Nochd nan cadal sèimh
Sann bhios mis' air bruaich do lice
Bualadh mo dha làimh