O thèid 's gun tèid
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò
Far an b' eòl dhomh 'n ainnir
Sèist:
Hill ò bha hò
'S na hao ri ri ri o hi
Hoireann òg ù ho I o bha hò
Gu bràighe loch iall
Far 'm bi fiadh 'san langan
Is earbag nan stùc
Gu lùthmhor eangarr'
A bhean an fhuilt rèidh
Thug mi fhèin dhuit mo ghealladh
Mo ghealladh ad dhéidh
Ged b'fheudar bhith dealaicht'
Gur math thig brèid bàn
Air a chàradh ort beannach
Mu aghaidh gun sgraing
Nan gormshùilean meallach
Is staidhse dhan t-sìoda
Mhìn gad theannachadh
Is aparan ùr
À bùth a' cheannaich'
Gur minig a bha sinn
An àirigh ghleannaich
Am bothan beag dlùth
Gun dùnadh ach barraich
Làmh thogail an àil
Bha tlàths riut ceangailt'
'N àm gabhail mu thàmh
Cha do chnàmh ar teallach
Mo làmh fod cheann
'S do làmh gheal tharam
Mo thaobh rid thaobh
'S sinn maoth-chridheach, tairis